Sgrìobhadh Gàidhlig

Tha Alistair Paul stèidhichte air Eilean Arainn ged as ann à Glaschu a tha e bho thùs. 'S e an ùidh a bh’ aige ann an eachdraidh agus cultar Eilein Arainn a thug air a’ Ghàidhlig ionnsachadh agus, an ceann ùine a chleadhadh ann an dòigh chruthachail.  Anns a chuid sgrìobhaidh bidh e a' tarraing air dòighean-aithris traidiseanta agus dualchas an eilein gus suathadh ri cuspairean ùr nosach leithid na dàimhean eadar daoine, tinneas inntinn agus fèin aithne.

Bhuannaich an obair aige duais Làmh-sgrìobhainn as Fheàrr do dh’Inbhich ann an 2020 agus bhuannaich e Duais Sgrìobhadairean Ùra sa Ghàidhlig bho Chomhairle nan Leabhraichean agus an Scottish Book Trust ann an 2018. A thilleadh air sin tha an sgrìobhadh aige air nochdadh seachd tursan air geàrr-liostaichean nan Duaisean Litreachais. Tha an obair aige air nochdadh ann am Poblach Nam Bàrd, Dàna, Tuath, Northwords Now, Steall agus New Writing Scotland.



Alistair Paul is based in the Isle of Arran, although he is originally from Glasgow. His fascination with Arran’s history and culture prompted him to learn Gaelic and eventually to use the language creatively. He is interested in traditional story-telling techniques and weaves these into contemporary themes in his writing.

He won the Best Unpublished Manuscript for Adults at the Gaelic Literature Awards 2020 and his work has been shortlisted for the Gaelic Literature Awards a total of seven times. In 2018 he was awarded the Gaelic New Writers Award by the Gaelic Book Council and Scottish Book Trust. His writing has appeared in; Dàna, The Poets' Republic, Tuath, Northwords Now, Steall and New Writing Scotland

Linne Dhomhain

Cruinneachadh de sgeulachdan goirid

Le car beag de fhreastal thig cruth-atharrachadh air beatha. ’S ann mar sin a lorgar gaol ann an àite-pàircidh, cuideachd an cois parsail a thèid a lìbhrigeadh dhan doras cheàrr, agus rùn teaghlaich a chuireas beatha bun os cionn an cùl drathair. Caillear dotair òg san t-sneachda às dèidh ran-dan na Nollaige. Gheibhear cothrom air dìoghaltas air bòrd aiseag CalMac. Thig an t-àm a dh’fhalbh beò am broinn cafaidh ann an Eilean Bhòid is èiridh na mairbh aig cèilidh. Sin dìreach cuid de na suidheachaidhean neo-àbhaisteach anns an lorg caractaran àbhaisteach iad fhèin is far an tig orra an dòchasan is an deamhainean a rèiteachadh. Ceannaich: https://www.luath.co.uk/gaelic/linne-dhomhain

Arainn Nam Beann

Cruinneachadh de dhualchas às Eilean Arainn

Tha an leabhar seo a' toirt cruinn còmhla bloighean de sheann dualchas Arainneach agus stuth nas ùire, a' gabhail a-steach puirt a chaidh a' sgrìobhadh anns an nòs thraidiseanta. Tha e a' toirt dhuinn sealladh ioma-fhillte air cultar an eilein a tha làn beairteis cànain, meanmhainn is spioraid.

Fir An Diùraidh

Nobhail

Tha sinn ann an eathar beag an cuideachd sianar Arainnich air an slighe gu bhith a' suidh air an diùraidh aig Cùirt an t-Seisein ann an Inbhir Aora. Cho luath 's a dh'fhàgas an t-eathar an cidhe aig Tràigh a' Chaisteil ann an Arainn teannaidh rudan ri dol ceàrr, togaidh conas ceann is na chois thig peacaidhean nam fear am follais. Thèid ar toirt cuairt tro cheann iar dheas na Gàidhealtachd mar a bha i aig toiseach na 19mh linn nuair a bha an sgìre a' tighinn fo bhuaidh atharrachaidhean mòra an t-saoghail, dìreach ro àm nam fuadaichean.Tha dàn gach charactair an eismeil nan atharrachaidhean seo is mar a ghabhas iad riutha còmhla. Am faigh na fir dhan chùirt is, ma gheibh, am bi e nan comas breitheanas a thoirt a-mach air an co-chreutairean le cogais ghlan? Ceannaich: https://www.luath.co.uk/gaelic/fir-an-diraidh

Taigh

'S e tèarmann agus fasgadh a th' ann an taigh. Ach dè thachradh nan rachadh an taigh agad fhèin nad aghaidh? San sgeulachd ficsean saidheansail, os-fhìreach seo gheibh sinn a-mach.

Read More  
OBAIR BEATHA

B' e an fhìdheall a thog an luthier Thomas Lennox aig deireadh a bheatha an rud a b' ealanta a choilean e. Bhon cheàrdach aige thèid an fhìdheall cuairt tro Dhùn Èideann mar a bha e aig deireadh an 18mh linn an cois nan dìofair charataran a bha uair dlùth dha. Gun fhiosta dhaibh bheir an ionnsramaid cruth-atharrachadh air am beathannan.

Read More  
  • Brodick, Isle of Arran, UK