Iomall

Cruinneachadh de sgeulachdan ficsean saidheansail

Tha an leabhar seo gar toirt air sgrìoban tro tìm is spàs, an dà chuid air an taobh a-muigh agus an taobh a-staigh an cuideachd sreath de charactaran àraid, talmhaidh is neo-thalmhaidh. Am measg an iomadh iongantais air an cur sinn eòlas tha coimpiutairean beò, ailtireachd gin-innlichte, beòthalas crochte, bràthair mòr tuigse inntealta, inneal siubhal-ama bho Linn na Cloiche, Gàradh Eden ann am fànas agus ifrinn air talamh. Ceannaich: https://luath.co.uk/collections/gaelic/products/iomall

Fir An Diùraidh

Nobhail

Tha sinn ann an eathar beag an cuideachd sianar Arainnich air an slighe gu bhith a' suidh air an diùraidh aig Cùirt an t-Seisein ann an Inbhir Aora. Cho luath 's a dh'fhàgas an t-eathar an cidhe aig Tràigh a' Chaisteil ann an Arainn teannaidh rudan ri dol ceàrr, togaidh conas ceann is na chois thig peacaidhean nam fear am follais. Thèid ar toirt cuairt tro cheann iar dheas na Gàidhealtachd mar a bha i aig toiseach na 19mh linn nuair a bha an sgìre a' tighinn fo bhuaidh atharrachaidhean mòra an t-saoghail, dìreach ro àm nam fuadaichean.Tha dàn gach charactair an eismeil nan atharrachaidhean seo is mar a ghabhas iad riutha còmhla. Am faigh na fir dhan chùirt is, ma gheibh, am bi e nan comas breitheanas a thoirt a-mach air an co-chreutairean le cogais ghlan? Ceannaich: https://www.luath.co.uk/gaelic/fir-an-diraidh

Linne Dhomhain

Cruinneachadh de sgeulachdan goirid

Le car beag de fhreastal thig cruth-atharrachadh air beatha. ’S ann mar sin a lorgar gaol ann an àite-pàircidh, cuideachd an cois parsail a thèid a lìbhrigeadh dhan doras cheàrr, agus rùn teaghlaich a chuireas beatha bun os cionn an cùl drathair. Caillear dotair òg san t-sneachda às dèidh ran-dan na Nollaige. Gheibhear cothrom air dìoghaltas air bòrd aiseag CalMac. Thig an t-àm a dh’fhalbh beò am broinn cafaidh ann an Eilean Bhòid is èiridh na mairbh aig cèilidh. Sin dìreach cuid de na suidheachaidhean neo-àbhaisteach anns an lorg caractaran àbhaisteach iad fhèin is far an tig orra an dòchasan is an deamhainean a rèiteachadh. Ceannaich: https://www.luath.co.uk/gaelic/linne-dhomhain

Arainn Nam Beann

Cruinneachadh de dhualchas às Eilean Arainn

Tha an leabhar seo a' toirt cruinn còmhla bloighean de sheann dualchas Arainneach agus stuth nas ùire, a' gabhail a-steach puirt a chaidh a' sgrìobhadh anns an nòs thraidiseanta. Tha e a' toirt dhuinn sealladh ioma-fhillte air cultar an eilein a tha làn beairteis cànain, meanmhainn is spioraid.