Tha Alistair Paul stèidhichte air Eilean Arainn ged as ann à Glaschu a tha e bho thùs. 'S e an ùidh a bh’ aige ann an eachdraidh agus cultar Eilein Arainn a thug air a’ Ghàidhlig ionnsachadh agus, an ceann ùine a chleachdadh ann an dòigh chruthachail. Anns a chuid sgrìobhaidh bidh e a' tarraing air dòighean-aithris traidiseanta agus dualchas an eilein gus suathadh ri cuspairean ùr nosach leithid na dàimhean eadar daoine, tinneas inntinn agus fèin aithne. 'S iomadh gnè sgrìobhaidh a tha ri lorg na obair eadar sgrìobhadh eachdraidheil, dràma, ficsean saidheansail, ficsean co-aimsireil agus sgrìobhadh do chloinn air an lìbhrigeadh an dà chuid tro rosg is bàrdachd.
Bhuannaich an obair aige Duais Làmh-sgrìobhainn as Fheàrr do dh’Inbhich ann an 2020 agus bhuannaich e Duais Sgrìobhadairean Ùra sa Ghàidhlig bho Chomhairle nan Leabhraichean agus an Scottish Book Trust ann an 2018. Uile gu lèir tha an sgrìobhadh aige air nochdadh ochd tursan air geàrr-liostaichean nan Duaisean Litreachais. A thilleadh air na ceithir leabhraichean a tha aige ann an clò tha an obair aige air nochdadh ann am Poblach Nam Bàrd, Dàna, Tuath, Northwords Now, Steall agus New Writing Scotland.Alistair Paul is based in the Isle of Arran, although he is originally from Glasgow. His fascination with Arran’s history and culture prompted him to learn Gaelic and eventually to use the language creatively. He is interested in traditional story-telling techniques and weaves these into contemporary themes in his writing. His work is unrestricted by genre and includes historical fiction, drama, science fiction, children's stories, contemporary fiction delivered both through prose and poetry.
He won the Best Unpublished Manuscript for Adults at the Gaelic Literature Awards 2020 and his work has been shortlisted for the Gaelic Literature Awards a total of eight times. In 2018 he was awarded the Gaelic New Writers Award by the Gaelic Book Council and Scottish Book Trust. In addition to the four books he has in print his writing has appeared in; Dàna, The Poets' Republic, Tuath, Northwords Now, Steall and New Writing Scotland