Thachair mi air an dàn seo nuair a ghluais mi a dh' Arainn is mi a' gabhail ùidhe ann an eachdraidh an àite. Nochd e o thùs ann an làmh-sgrìobhainn Èireannach on 12mh linn dam b' ainm Agallamh nan Seòrach, ach tha e coltach gun robh an dàn fiù 's na bu shìne na sin. Cha do smaoinich mi mòran dhen dreach Bheurla air an d' fhuair mi sealladh aig an àm. Chuir e nam chuimhne bhàrdachd nàdair Bhictorianach, ro romansach is rud beag greadhnach. Cha b' ann gus an d' fhuair mi sealladh air an dreach thùsail Gàidhlig is an cànan a-nis agam a thuig mi an luach a bha anns a' bhàrdachd. Nis, chan eil mi cho fada nam cheann 's gun dèanainn a-mach gun do thuig mi gach facal dhen Gàidhlig Èireannach meadhan-aoiseach. Ach, bha cuid math dhuibh coltach gu leòr ri Gàidhlig Albannach an latha an-diugh is, le beagan cuideachaidh bho fhaclairean, chaidh beòthalas is ealantas an dàin shoillseachadh dhomh a bha air a thogail air brìgh is ruitheam nam facal fhèin. Nam inntinn thug iad air ais mi gu dìreach gu bhòidhchead nàdarra an eilein mar a bha e o chionn mìle bliadhna is còrr. 'S e seo m' oidhirp air a chur gu Gàidhlig an là an-diugh a' glèidheadh na h-aon fheartan a nochd san dreach tùsail.
Arainn nan Iomadh Aigh
Arainn nan iomadh aigh
Tadhal na fairge ri cliathaich
Eilean a bhiadhadh buidhnean
Gort gorm a' ruadhadh air dromannan
Fiadh-bheatha feadh bheanntan
Baoileagan maotha air mòintean
Uisge fuar na sruthan
Measan air a daraich donna
Gadhair innte is mìl-choin
Smeur is àirne dubh-droighinn
'S dlùth phreas-drisean na garan
Roiseadh dàimh tro a doireachan
Griaman cròidhearg air leacan
Feur gun lochd air a leargan
Feadh creagan ciùin, cumadail
Breac-laoigh le sùrd ri briosgail
Is mìn a machair, is math a mucan
Is suairc a gortan, sgeul ri creidsinn
Cnò air barran a frith-choilltean
Seòladh nan long fhada seachad ann
Is aoibhinn i nuair a thig soineann
Bric fo bhruaichean a h-aibhnean
Freagairt nam faoileag mu creagan
Is aoibhinn i gach àm Arainn