10 Dec
10Dec

Dàn a fhreagras air an ràith.

Gaoth a Tuath

Chaidh tìr fo gheas dhut
Reòth thu talamh
Reòth thu tìm
Gun fhiosta dhomh
Bha thu nam chuideachd
Èaladh air mo chùl
Meòir air m' amhaich
Biorg nam chraiceann
Bheòthaich thu m' aigne
Le cagar nam chluasan
Gealladh a' gheamhraidh
Seanchas na faiche bàine
Mac-samhla macanta
Do fhìor ghnè
Flin riaslach
Mu mo chasan
Eòin air am pasgadh
Ris na creagan
Bileag a' lùbadh
Ro d’ anail chranndaidh
Mac-talla na dìthreibh
Deò bhiastan cèin
Cuan glas-chridheach
Coigreach an fhàsaich
Air allaban gu deas
A chaidh air dìochuimhne
Bhon uiridh 


Dealbh le Simon Harrad CC

Comments
* The email will not be published on the website.