Teleporter, warp speed, time machine. Cò nach tuig na th' anns na rudan sin ged nach eil gin dhiubh ann an dhà rìreabh? 'S iad sin dìreach corra eisimpleir dhen iomadh facail ficsean saidheansail a tha air a dhol mar phàirt de bhriathrachais coitcheann na Beurla. Airson na nurdan nar measg tha feasta de dh'fhaclan ri fhaighinn an cois gach gnè de ficsean saidheansail nach aithne ach do na dìlsich. Tha leithid wetware ann an lùib cyberpunk, raygothic an lùib steampunk, generation ship an lùib space opera agus mar sin adhart, gu infinity and beyond!
Tha an aon rud fìor mu gach mòr chànan is am briathrachas aca a' tarraing air an dualchas aca fhèin. 'S e an seann fhacal Sovietach udarnick a' ciallachadh model worker a nochdas gu tric ann am ficsean saidheansail Ruiseanach ann an seagh ìoranta airson ròbotan. Tha an abairt raza còsmica, a' ciallachadh cinneadh cosmach le tùsan measgaichte, cumanta ann am ficsean baralach às Aimearaga a Deas. 'S e yokai facal traidiseanta Iapanais airson deamhain is spioradan a tha air a chur gu feum às ùr airson caractaran manga is cyberpunk.
Dè mu dheidhinn mion-chànain ge tà? Dè mu dheidhinn na Gàidhlig fhèin? Chan eil ach smodal litreachais ficsean saidheansail againn anns an sir sinn airson ar briathrachas fhèin. Ach, a bheil seo na bhacadh? Nach eil dualchas is stòras de faclan brèagha, brìoghmhor againn air an tarraing sinn? Chan ann gu dubhach a sheallas mi fhèin air an t-suidheachadh. Fada bhuaithe. Nuair a theannas mi ri ficsean saidheansail thèid mi nam mheàrlach seudraidh ann am bùth seudraidh anns nach do chuir meàrlach cas roimhe. Abair cothrom do sgrìobhadair!