Snàig i às dubharachd ùireach
Sgàil a' dualachadh tron làraich
Mìle, mìle fann-ghuth cagairte
Ghlacar an oir sùla i
gun sgeul oirre
fo gheur-amharc i
A shadow swaddled in earth's dark seams slips
A thousand thousand whispered voices
Slides out through grasses and heathers
Glimpsed in a glance
Vanished in a blink
Cursus: Lann fada lìnear air a chuairteachadh le druim is dìg suas gu grunn cheudan de mheatairean a dh'fhaide a bhuineas don Linn Nua-chlachail. Thathar a' smaoineachadh gun robh iad air an cleachdadh airson deas-ghnàthan.
B' e madainn fhada a bh' ann – an dràibheadh dhan làraich a' chiad char, an coiseachd tron mhòintich gharbh, trì uairean de thuisleachadh tro fhraoch is poll a' coimhead a-steach do thruinnsichean, a' làimhseachadh oibseactan àrsaidh, is cluais gheur agam don t-seanchas mun tùsan bho na diofair eòlaichean a bha an làthair. Cha bhiodh ach an aon cothrom aig a' bhuidheann de luchd-ealain dhan robh mi nam bhall gus tadhal air an làraich mus tigeadh oirnn eadar-mhìnicheadh cruthachail a dhèanamh oirre. Bha mi deimhinnte às nach rachadh dad seachad oirnn. Cha bheag m' fhaochadh nuair a thàinig àm lòin is cothrom air a' chruach mhòr de cheapairean a dh'fheith oirnn aig cùl teanta. B' e fear de sgioba nan oileanach a bha air a bhith nan tràillean a' cladhadh is a' sgròbadh sìos sna truinnseachan a spìon a' chiad cheapair às a' chruach. Cha bu luaithe a bha a làmh air beantainn ris a' bhiadh na thug e cruinn leum an comhair a chùil. Foidhe bha asg lùbte is a cheann togte ris.
Nis, cia mheud àrc-eòlaichean a dh'fheumas tu airson cuidhteas fhaighinn de nathair? A rèir coltais cha dèan na ficheadan dhiubh an gnothach. An ceann cairteal na h-uaireach bha sinn fhathast gun grèim fhaighinn air na ceapairean, an asg air snàigeadh gu domhain nam measg is beachd eadar-dhealaichte aig gach duine air mar bu chòir dhuinn ruaig a chuir air an nathair. Àm gu leòr dhomh gus meòrachadh air cor a chreutair bhochd is aithneachadh nach e ainmhidh iriosail a bha seo ach spioraid air ath-chladhaich is a bha air siubhail thar linntean gus a bhith nar cuideachd. An robh teachdaireachd aige dhuinn? Nan robh, dè a bhiodh ann?